'S e an t-eilean as motha anns na h-eileanan a-staigh a tha anns an Eilean Sgitheanach, ainm eile: "Eilean a' Cheò". `S e an darna eilean as motha anns na Eileanan Siar gu lèir an dèidh Leòdhais agus na Hearradh.
Tha an t- eilean cho mòr ri 1.656, 25 cilemeatair ceàrnach. Anns a' bhliadhna 2001 bha 9.232 duine a' fuireach anns an eilean fhèin.
'S e cruth an eilean mar 5 rubhan fa-leth coltach ri leth-tarsainnean cuibhle, ceangailte aig cioch far a bheil an Cuiltheann, beanntain stucach 3,000 troigh an àirde, ag èirich os cionn na mara.
'S e Sgurr Alaisdair a' bheinn as àirde air feadh an eilein, tha i cho mòr ri 993 meatair (3.257 troigh).
'S e Port Rìgh na phrìomh-bhaile, 's e cuideachd am baile as motha a th' anns an eilean. Tha port-mara Phort Rìgh leis na taighean daithe gu math tric ri fhaicinn air cairtean phuist.
Canar gun d' tàinig an t-ainm às a' chànan Gàidhlig, a tha a' ciallachadh: The winged isle (eilean le sgiathan) neo bhon fhacal seann Lochlannaich: Skuyö, a tha a' ciallachadh: "Eilean fo sgothan.
Bha na Lochlannaich air an eilean eadar an 9mh linn agus an 12na linn AC.
Eaconomaidh Bearbeiten
Tha àiteachas, ceàird-làimhseachadh (craftmaking), gnìomhachas uisge-beatha agus an roinn turasachd glè chudthromach airson eaconomaidh an eilean.
- Àiteachas: Tha gu bhith 2000 croit air an eilean,
ach chan eil ach 100 croit a tha mòr gu leòr airson dòigh - bheatha /a bhith beò as.
- Gnìomhachas uisge-beatha:
Tha taigh-staile Talasgair ann. Cuideachd tha Mac-na-Mara, Tè bheag nan Eilean agus Poit Dhubh ann, Uisge- beatha measgte (blended) bhon Eilean Iarmainn ann an Slèite.
- Ceàird
Tha an Ionad Àros faisg air Port Rìgh a`reic mòran stugh do na luchd turais.
- Roinn turasachd:
As t-samhradh tha mòran luchd-turais a' tighinn don eilean seo. Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:
- an Cuiltheann a tha a' gabhail a-steach 12 munros
Tha mòran seann chaisteil ann rin faicinn, m.e:
- Caisteal Dùn Bheagain, a chaidh a thogail anns an 13mh linn.
- Caisteal Armadale às an 10mh linn; an diugh tha taisbeannadh agus ionad Clan Donald ann.
Tha beathaichean fiach, m. e. : an iolaire buidhe, an iolaire-mhara agus an dòbhran (biast dhubh/otter) fhathast rin faicinn anns an Eilean Sgitheanach
Tha taisbeanachd mun dualchas agus croitearachd ann an tuath an eilean.
Dòighean shiubhail Bearbeiten
Tha ceangal gu tìr mhòr Bhreatainn le drochaid "skye Bridge". (Skye Bridge: Chaidh an drochaid eadar Caol Loch Aillse agus Caol Acain a thogail anns a` bhliadhna 1995. Ach bha muinntir an eilein a gearan mun phrìs (7.50 notaichean) a b`fheudar dhaibh a bhith a` paigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid ann an 2004. An dràsda `s urrainnear an drochaid cleachdadh saor `s asgaidh.)
Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar Armadale agus Mallaig, cuideachd eadar Caol Acain agus Gleann Eilge. Tha bàtaichean eile a`dol eadar Uige agus Tairbeart/na Hearadh, agus eadar Uige agus Loch nam Madadh/Uibhist a Tuath.
Tha busaichean a' ruith gu Inbhir Nis agus gu Glaschu
Rudan inntinneach Bearbeiten
- Donnaidh Rothach, seinnadair Gàidhlig, bha e a' cluich anns a' chòmhlan Runrig
- Sorley MacLean, bàrd cliùiteach : bha e a`fuireach anns an eilean airson mòran bhliadhnaichean. (chuir e seachad an cuid as motha den bheatha aige air an eilean)
- the "Skye Boat song", òran as toil leis an luchd turas/ ainmeil a-measg ..
- Seachd, film Gàidhlig a chaidh a dhèanamh anns an eilean fhèin; foillsichte anns a`bhliadhna 2007
Tha Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig, suidhichte ann an Slèite, ann an ceann a deas an eilein.
Ceàrnaidhean san Eilean Sgitheanach Bearbeiten
- An Cuilthionn
- Stafainn
- Slèite
- Srath shuardail agus Àird an t-Sratha
- Eilean Iarmain
- Siadar
- Garros
- Port nan Long
- Trondairnis
- Bhatairnis
- Rubha an Dùnain
Bailtean san Eilean Sgitheanach Bearbeiten
- An t-Aodann Bàn
- Àrd a' Bhasair
- An t-Àth Leathann
- Boraraig
- Borbh
- Caol Acain
- Cille Mhoire
- Dùn Bheagan
- Dùn Tuilm
- Fearainn Domhnaill
- An Garadh Fada
- Port Rìgh
- Ùig, An t-Eilean Sgitheanach